
Welcome to the American Scottish Gaelic Society
An Comunn Gàidhealach Ameireaganach
NYC Tartan Week to feature Gaelic Mòd this April
For the first time, the New York City Tartan Week festival will feature a Scottish Gaelic song contest and Gaelic workshops, elevating the profile of Scottish Gaelic in New York City and its Tartan Week celebrations. Singers from across North America, Scotland, and beyond are invited to The NYC Tartan Week Mòd on Wednesday, April 12, and Thursday, April 13.
The NYC Tartan Week Mòd, organized ...Leugh Tuilleadh
Fàilte dhan Chomann Ghàidhealach Ameireaganach.
’S e a’ Ghàidhlig aon de na sia cànain Ceilteach air mhaireann anns an Roinn Eòrpa. ’S e cànan beò a th’ innte, aig cridhe dualchais, eachdraidh, agus cultair na h-Alba.
Tha iomadh seòrsa de Ghàidhlig ri fhaighinn anns na h-Eileanan Breatannach bho thùs eachdraidh chlàraichte, agus tha a’ Ghàidhlig aig bun iomadh ainm-àite ann an Alba. Tha Gàidhlig dlùth ann an dàimh ri Gàidhlig Èirinneach (Gaeilge) agus Gàidhlig Mhanainneach (Gaelg), agus aig astar nas fhaide ris a’ Chuimris (Cymraeg), Cornais (Kernewek), agus Breatnais (Brezhoneg).
Tha mu 60,000 duine a’ bruidhinn Gàidhlig an-diugh ann an Alba, a rèir a’ chunntais-shluaigh mu dheireadh.
Rinn brisidhean eaconamach agus politigeach anns na linntean sa chaidh crìonadh air a’ Ghàidhlig ann an Alba agus chaidh a luchd-labhairt an sgaoilteadh air feadh an t-saoghail. Gheibhear luchd bruidhinn na Gàidhlig a-nise anns na h-Eileanan Siar agus a’ Ghàidhealtachd, bailtean mar Ghlaschu, Dùn Èideann, agus Inbhir Nis, agus coimhearsnachdan sgapte air feadh an domhain, gu h-àraidh an Ceap Breatainn agus Alba Nuadh ann an Canada.
Ach tha daoine ag ionnsachadh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail cuideachd, agus buidheann mòr dhiubh ann an Aimeireaga a Tuath, ann am bailtean mòra agus beaga air feadh Canada agus na Stàitean Aonaichte. ’S e sin an t-adhbhar a tha ACGA ann.
Briog an-seo airson fiosrachadh air Mòd Nàiseanta Aimeireagaidh 2022 (ann am Beurla)