Fàilte chridheil oirbh gu Mòd Nàiseanta Aimearagaidh, fèis bhliadhnail far a bheil òrain agus cultar Gàidhlig na h-Alba, ann an Aimearagaidh a Tuath, le farpaisean, cèilidhean, cleasan is cluiche, agus bùthan-obrach.

  • ‘S e streath de dh’fhairpeasan ann an òrain, bàrdachd, agus sgeulachdan a th’aig cridhe Mòd Nàiseanta nan Stàitean. Ach, tha tòrr a bharrachd anns a’ Mhòd na cò-fharpaisean.
  • ‘S e deagh chothrom a th’ann, a bhith a’ gabhail a-steach ann an coimhearsnachd Ghàidhlig – coimhearsnachd a tha gu math dìoghrasach, brosnachail de luchd-ionnsachaidh aig gach ìre, bho na fileantaich gu daoine a tha dìreach air tòiseachadh.
  • ‘S e cothrom a th’ann, òrain Ghàidhlig ionnsachadh, bhon a’ chuid as fheàrr de sheinneadairean agus tidsearan, à Alba agus Alba Nuadh.
  • ‘S e cothrom a th’ann cuideachd, ma’s e ‘s gu bheil sibh nur neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, an cànan a chleachdadh. Agus, ‘s e deireadh seachdain air leth a th’ann, airson coinneachadh a-rithist ri caraidean sean agus ùr.

Tachartasan o Chionn Ghoirid

Mòd Nàiseanta Aimeireagaidh 2022

Fo h-ìosal, gheibh sibh fiosrachadh a bharrachd agus ceangailichean cuideachail.