Fàilte dhan Chomann Ghàidhealach Ameireaganach, buidheann a chaidh a stèidheachadh ann an 1984 airson Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal a dh’adhartachadh ann an Ameireaga a’ Chinn a Tuath.

’S e am prìomh-amas againn cuideachadh a thoirt do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Do bhrìgh sin, tha sinn ag obair còmhla ri luchd-ionnsachaidh ann an iomadh dòigh. Bidh sinn a’ cur tachartasan air dòigh gach bliadhna — seachdain-tumaidh anns a’ chànain agus a h-òrain ann an Carolina a Tuath agus mòdan le farpaisean seinn, seanchais, agus bhàrdachd.

Bheir sinn tabhartasan taice do luchd-ionnsachaidh cuideachd uaireannan. Agus bu thoil leinn tuilleadh taice agus co-chuideachas a thoirt do “Choimhearsnachdan Ionnsachadh na Gàidhlig” (CInG) a tha fàs air feadh nan sgìrean anns a’ bheil sinn gnìomhach.

Tha ceanglaichean càirdeil againn ris a’ Chomunn Gàidhealach ann an Alba, aig a’ bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail, ged nach eil sinn nar pàirt dheth.

Tha sinn an dòchas gum faigheadh sibh cuideachadh, brosnachadh, agus mòr-thlachd ann an duilleagan na làraich-lìne seo. Cuiribh fios thugainn ma bhios ceist sam bith agaibh.