Tha Gàidhlig aon dhe na sia cànain Ceilteach, agus tè dhe na cànain dùthchasach a bhuineas do dh’Alba. ’S e cànan beò, co-aoiseach a th’innte, agus ged nach eil i air a bruidhinn le sluagh glè-mhòr, tha i gu math cudthromach gu cultar agus eachdraidh na h-Alba.

Tha còrr is 57,000 neach ann an Alba aig a’ bheil comas Gàidhlig a bhruidhinn, agus mu 30,000 neach eile aig a’ bheil comas air choireigin sa Ghàidhlig. Tha Gàidhlig ga bruidhinn ri coimhearsnachd ann an Alba Nuaidh, Canada, cuideachd.

Ann an Alba, tha mu 20,000 neach, eadar clann agus inbhich, ag ionnsachadh Gàidhlig, a-rèir Bòrd na Gàidhlig. Tha an àireamh de sgoiltean-àraich agus sgoiltean Gàidhlig air a dhol an àird air feadh na dùthcha. Ann an 2018, bha tuilleadh na 4,300 oileanach ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig an Alba.

Agus tha barrachd na 300,000 neach air feadh an t-saoghal ag ionnsachadh Gàidhlig tro mheadhan an aplacaid-ionnsachaidh Duolingo.

Gheibh sibh Gàidhlig ann an iomadh àite air feadh an t-saoghail — eadar Halifax agus Vancouver, Canada, eader New York agus Los Angeles, ann an Àstrailia agus Sealainn Nuaidh: A h-uile h-àite a shuidhich Gàidheil Albannach. Agus tha ùidh ag mòran duine ann an Gàidhlig ged nach eil freumhan sam bith aca anns a’ Ghàidhealtachd neo eadhan an Alba. Is toil leotha an cànan air a shon fhìn, agus tha ùidh mhòr aca ann an ceòl agus bàrdachd Ghàidhlig.

Chaidh Gàidhlig a stèidheachadh an Alba roimh an 6mh linn A.D. nuair a thàinig luchd-imrich à Èirinn gu Earra Ghàidheal agus na h-eileanan far cladach an iar na h-Alba.

Bha Gàidhlig uair ga bhruidhinn air fad agus leud na h-Alba ach a-mhàin Arcaibh agus Sealtainn, is dòcha. Gheibhear ainmean-àite le freumhan Gàidhlig air feadh Alba. Tha ceangalan làidir fhathast ann eadar a’ Ghàidhlig agus Gàidhlig Èireannach (Gaeilge) agus Gàidhlig Mhanainn (Gaelg).

Ann an 2005 thug Pàrlamaid na h-Alba suidheachadh seasmhach mar chànan oifigeil na h-Alba do Ghàidhlig.

Gheibhear fiosrachadh a bharrachd tro na ceanglaichean seo: